GF223i14 SHINGEALAICH, SHINGEALAICH (AGUS RANNAN EILE) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Shingealaich, shingealaich Dhachaidh chun do dhìnnearach Theirig thusa shingealaich Còmhla ri càch Theirig thusa shingealaich Dhachaidh chun do dhìnnearach Far am bheil a' chulaidh eagail Am breabadair bàn Bha tionndadh eile ann, ge be dé seagh a bh' aige- O bhitheadh saodach Air a' ghille ghaolach O bhitheadh saodach Air a' ghille bhàn O bhitheadh saodach Air a' ghille ghaolach 'S bho 'n tha m' uile m'aighear Air a' ghille bhàn 'S bha rann eile ann - tha 'ad ag ràdhainn gur e Teàrlach Fìdhleir fhéin a rinn e - Gur e Teàrlach Fìdhleir A dh'innseadh an fhìrinne Gur e Teàrlach Fìdhleir A dh'innseadh mar bha Gur e Teàrlach Fìdhleir A dh'innseadh an fhìrinne Gur e suirghe Mór a' ghobhainn A dh'fhoghain dhan each Bhàin Suirghichean, suirghichean Bidh 'ad a-muigh daonann Suirghichean, suirghichean Bidh 'ad a-muigh tràth Suirghichean, suirghichean Bidh 'ad a-muigh daonann Bidh 'ad a-muigh ris a' ghealaich Feuch a' faigh 'ad fàth