Fire, faire an d 'fhuair sibh iasg (agus faclan eile air 'Bonaid Uilleam')
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF223i10 FIRE, FAIRE AN D' FHUAIR SIBH IASG (AGUS FACLAN EILE AIR 'BONAID UILLEAM')
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Port neònach - bha a leithid a dh'fhear ann aig a h-uile neach a bh' ann, gur ann:
A' bhonaid a bh' aig Uilleam an-dràst',
Dh' fhigh e leis na bioran i
Chumadh i leth bhuiseal buntàt'
Is barailte do thuirneapan
Bha rann eile ac' air:
Fire, faire an d' fhuair sibh iasg?
A' faca sibh a' bhean agamsa?
Fire, faire an d' fhuair sibh iasg?
A' faca sibh bean Fhionnlaigh?
Agus bha rann eile ac' air:
Ho ro far am biodh am bàl,
'S ann a bhiodh an cridhealas
Ho ro far am biodh am bàl,
'S ann a bhiodh a' sùgradh
Far am biodh Iain 's a chlann
'S ann a bhiodh an cridhealas
Far am biodh Iain 's a chlann
'S ann a bhiodh a sùgradh
Cha téid mis' a thigh a' bhàil
Bho nach bi chlann nighean ann
Théid mi dhachaigh, 's nì mi tàmh
Is caidlidh mi 'sa chrùban.
Agus bha rud, rann eile aig cuid eile air:
Siud e 'null, siud e 'nall
Ceann gille Mhinisteir
Siud e 'null, siud e 'nall
Ceann gille Dhùghaill
Siud far na robh an ceann mór
Ceann gille Mhinisteir
Siud far na robh an ceann mór
Ceann gille Dhùghaill
Sin agaibh na chuala mi air. Tha gu leòr a' sin fhéin, tha mi'n dùil.