GF223i10 FIRE, FAIRE AN D' FHUAIR SIBH IASG (AGUS FACLAN EILE AIR 'BONAID UILLEAM') Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Port neònach - bha a leithid a dh'fhear ann aig a h-uile neach a bh' ann, gur ann: A' bhonaid a bh' aig Uilleam an-dràst', Dh' fhigh e leis na bioran i Chumadh i leth bhuiseal buntàt' Is barailte do thuirneapan Bha rann eile ac' air: Fire, faire an d' fhuair sibh iasg? A' faca sibh a' bhean agamsa? Fire, faire an d' fhuair sibh iasg? A' faca sibh bean Fhionnlaigh? Agus bha rann eile ac' air: Ho ro far am biodh am bàl, 'S ann a bhiodh an cridhealas Ho ro far am biodh am bàl, 'S ann a bhiodh a' sùgradh Far am biodh Iain 's a chlann 'S ann a bhiodh an cridhealas Far am biodh Iain 's a chlann 'S ann a bhiodh a sùgradh Cha téid mis' a thigh a' bhàil Bho nach bi chlann nighean ann Théid mi dhachaigh, 's nì mi tàmh Is caidlidh mi 'sa chrùban. Agus bha rud, rann eile aig cuid eile air: Siud e 'null, siud e 'nall Ceann gille Mhinisteir Siud e 'null, siud e 'nall Ceann gille Dhùghaill Siud far na robh an ceann mór Ceann gille Mhinisteir Siud far na robh an ceann mór Ceann gille Dhùghaill Sin agaibh na chuala mi air. Tha gu leòr a' sin fhéin, tha mi'n dùil.