Back to recordings

Thug e 'm bogha fada leis

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF223i03 THUG E 'M BOGHA FADA LEIS


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Sheadh bha gnàth-chainnt aca, bha fear a' faighneachd dhiomh mu dheoghainn seo, agus nuair a rachadh duine air turas, no dh'fhalbhadh e a dh'astar [a dh'àiteigin?], 's bha e ùine mhór gun tighinn, 's nach robh coltas air gun robh e dol a thilleadh tuilleadh, chanadh 'ad '' 'S fheudar gun d' thug e 'm bogha fada leis''. Agus ge be dé seadh a bh' aig an gnothach co-dhiù, bha e 'dol fada, fad ás a shealgaireachd, neo bha e 'dol dha 'n airm, cha d' fhuair mi sin a-mach. Chan fhaodainn-sa a bhith faighneachd na rudan sin nuair a bha mi òg, 's a bhiodh na daoine aosta ag obair air na gnàth-chainntean no seanfhacal is rudan, cha bhiodh e iomchaidh dhomh bhi faighneachd mu rachadh mo chasg dé an gnothach a bh' agam ris. Agus sin an dòigh a's nach eil cuid mhór dhe na gnothaichean seo soillier dhomh, nach eil fhios a'm gu dé seagh a bh' aca.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile