An cuala sibh mar dh' éirich dhomhsa? (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF222i05 AN CUALA SIBH MAR DH' ÉIRICH DHOMHSA?
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
An t-òran luaidh a chuala mi aig fear, 's ann aig MacUalraig thall aig Rubha Mheadhanach a chuala mi na ceathramhan dha 'n òran ud, Murchadh MacUaraig, mac bràthair do Ghilleasbaig MacUalraig nan sgeulachdan, Mac Sheumais MacUalraig a bheireamaid ris, Murchadh Sheumais MacUalraig. Bha e 'g innse mun luathadh aig an robh e, 's ghabh caraid dha fhéin, sheinn e an t-òran a bha seo. Ma dh'fhaoidte gu bheil deifir beag a's an fhonn mar a bha e aigesan seach mar a bhios aig càch, ach 's e:
[Séist]: Ho ìll iù i leò
Hò hò i iù ra bho
Ho ìll iù i leò
An cuala sibh mar dh'éirich dhomhs'?
Nuair a dh' fhalbh mi leis an dròbh
Air long mhór nan seachd seòl
Chaill mi mo thriùir bhràithrean òg
A' dol seachad Rubh' nan Dòrn
Air a' chladach, marbh gun deò
Cha ghiùlain an com an còt'
Cha ghiùlain an cas a' bhròg
Agus tha mi 'smaoininn gun d' thuirt e
'S ann mar sin a dh' éirich dhòmhs'
Sin a' chrìoch a chuala mi aigesan air