GF222i05 AN CUALA SIBH MAR DH' ÉIRICH DHOMHSA? Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil An t-òran luaidh a chuala mi aig fear, 's ann aig MacUalraig thall aig Rubha Mheadhanach a chuala mi na ceathramhan dha 'n òran ud, Murchadh MacUaraig, mac bràthair do Ghilleasbaig MacUalraig nan sgeulachdan, Mac Sheumais MacUalraig a bheireamaid ris, Murchadh Sheumais MacUalraig. Bha e 'g innse mun luathadh aig an robh e, 's ghabh caraid dha fhéin, sheinn e an t-òran a bha seo. Ma dh'fhaoidte gu bheil deifir beag a's an fhonn mar a bha e aigesan seach mar a bhios aig càch, ach 's e: [Séist]: Ho ìll iù i leò Hò hò i iù ra bho Ho ìll iù i leò An cuala sibh mar dh'éirich dhomhs'? Nuair a dh' fhalbh mi leis an dròbh Air long mhór nan seachd seòl Chaill mi mo thriùir bhràithrean òg A' dol seachad Rubh' nan Dòrn Air a' chladach, marbh gun deò Cha ghiùlain an com an còt' Cha ghiùlain an cas a' bhròg Agus tha mi 'smaoininn gun d' thuirt e 'S ann mar sin a dh' éirich dhòmhs' Sin a' chrìoch a chuala mi aigesan air