Back to recordings

Meirleach nam Bòrd (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF220i08 MEIRLEACH NAM BÒRD (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac



Bha turas eile, 's e—tha mi smaointinn gura h-e mac bràthair athar dha fhéin, co-ogha dha fhéin a bh' ann, aig a' robh bùird air a sàbhadh 's 'ad air an gléidheadh ann an àite tèarainte agus cha robh 'ad tiotadh air—an deoghaidh an cur a' sin nuair a thàinig cuideigin a ghoid leis na bùird. Agus rinn e an uair sin òran. O bha cuid mhath de cheathramhan air ach cha do—cha do thog mise 'ad ann ged a chuala mi 'ad caochladh uairean, cha do thog mi na ceathramhan [leis a' mhì-mhodh? ?] [faighinn?] aig àm sam bith. 'S thuirt e:


Tha duine anns an àite seo,
Mo nàbaidh a th' ann
A rinn giuthas a shàbhadh
'S a chuir an àite gun mheang


Am beagan a [thàilleabh?]—Am beagan a làithean
An tràghadh na h-oidhch'
Thàinig—chaidh a sguabadh bho 'n bhàthaich;
'S gur e a' mhéirle bha ann


Ge b' e a nì gniomh sin
No dh' fheuch ris a' chàs
Bho 'n a bha 'n giùthas cho miadhail
'S nach do thèarainn [o/thu?] d' làmh


'S olc an t-àite théid do phianadh
O nach do chrìochnaich thu 'n [fhàn?]
'S gu bheil mise gu diomhain
Bhith dèanamh nan dàn


Sin na tha cuimhn' agam air.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile