GF220i08 MEIRLEACH NAM BÒRD (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac Bha turas eile, 's e—tha mi smaointinn gura h-e mac bràthair athar dha fhéin, co-ogha dha fhéin a bh' ann, aig a' robh bùird air a sàbhadh 's 'ad air an gléidheadh ann an àite tèarainte agus cha robh 'ad tiotadh air—an deoghaidh an cur a' sin nuair a thàinig cuideigin a ghoid leis na bùird. Agus rinn e an uair sin òran. O bha cuid mhath de cheathramhan air ach cha do—cha do thog mise 'ad ann ged a chuala mi 'ad caochladh uairean, cha do thog mi na ceathramhan [leis a' mhì-mhodh? ?] [faighinn?] aig àm sam bith. 'S thuirt e: Tha duine anns an àite seo, Mo nàbaidh a th' ann A rinn giuthas a shàbhadh 'S a chuir an àite gun mheang Am beagan a [thàilleabh?]—Am beagan a làithean An tràghadh na h-oidhch' Thàinig—chaidh a sguabadh bho 'n bhàthaich; 'S gur e a' mhéirle bha ann Ge b' e a nì gniomh sin No dh' fheuch ris a' chàs Bho 'n a bha 'n giùthas cho miadhail 'S nach do thèarainn [o/thu?] d' làmh 'S olc an t-àite théid do phianadh O nach do chrìochnaich thu 'n [fhàn?] 'S gu bheil mise gu diomhain Bhith dèanamh nan dàn Sin na tha cuimhn' agam air.