GF220i05 ÒRAN AN 85MH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac Seo ceathramhan de dh' 'Òran a' Réisimeid' a rinn Alasdair MacÌosag, Sandaidh 'Illeasbuig Mhóir mar a bheireamaid. Bha 'ad fuireach shìos aig Caolas Naoimh Anndrais. Tha sin sìos eadar, eadar am Pòn Mór 'is Beinn Eòin, 's ann a tha an t-àit' a bha seo. Agus 's e fear Ailean A. Quinn nach maireann, 's e sgrìobh na h-o—na rannan—an òran a bha seo dh' ionnsaigh a' Chasket a bha air clò-bhuaileadh an Antigonish. Agus tha ùine mhór bho 'n a chunna mi 'ad. Cha robh mise ach air tòiseachadh air ionnsachadh, beagan ionnsachadh air leughadh Ghàidhlig as an àm. Agus seo agad mar a rinn e, 's ann dhe 'n cheithir fichead 's a còigeamh buidheann as a', as a' chogadh mhóir, a' chiad chogadh mhór, no mar a bheireadh 'ad, an '85th Battalion'. Chaidh an t-òran a dhèanamh agus 's e séisd a bh' air: [Séist]: Soraidh bhuam thar chuan air astar Gu fir shuaicheanta nam breacan A chùm suas gu buan an cleachdadh Anns a' riochd bu dual dhaibh 'S e chuir mis' an diugh ri dànachd A' toirt iomradh air na Gàidheil Na gaisgich a dh' fhalbh thar sàile Gus am blàr a bhuannachd Chuir 'ad fios air Clann nan Gàidheal Riamh nach d' dh' aom ri aodann nàmhaid Friamh de 'n chraoibh as daoire dh'fhàsas 'S iomadh blàr a fhuair iad Fhir Albainn Ùir gun d' rinn sibh tapaidh Fhuair sibh cliù bhos cionn fir Shasainn Luchd mo rùin nach lùb le gealtachd 'Dol ri aodann cruadail 'S iomadh màthair a tha brònach 'S a mac gaoil ri aodann còmhstri Agus fear tha fo na fòd A chaidh a leòn 'sa chruadail 'S iomadh bean a tha gu deurach 'S a companach an déidh a tréigsinn Nach tig dhachaigh gu a chéile A thoirt dhi sgeul a chruadail Ach ged a bha an Gearmailteach cho làidir A' cumail cogadh ris gach nàmhaid Gheibh na Breatannaich an àird' air Luchd nan còta ruadha Théid an Caisear a dhìteadh Théid a chrochadh; sin tha dhìth oirnn 'S gheobh sinn réite anns gach rìoghachd 'S sìth a bhios buan dhuinn Sin na bheil cuimhn' agam, ma bha an corr ann, cha eil beachd agam idir air.