Back to recordings

Òran na Pìoba (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF220i04 ÒRAN NA PÌOBA


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Eoghann Pìobaire Mac a' Phì | Hugh MacPhee



Pìobaire uair dhe 'n aimsir a' còmhnuidh thall aig Cùl a' Phòin Mhóir, Eòghann Pìobaire. Agus thàinig e nall ás a' Ghàidhealtachd 's bha e 'còmhnuidh thall a' sin. Thog e teaghlach. Agus tha iar-oghaichean dha anns a' cheàrna fhathast. Tha aon dhe na iar-oghaichean aige Iain Eòsaph, Mac a' Phì, 's e mac do dh' Eachann Alasdair a' Phìobaire a bheireamaid ris. Agus tha iar-ogha dha 'fuireach shuas aig Gleann nan Èireannach, 's e Iain Mac a' Phì as ainm dhasan. 'S e mac do Niall Alasdair a' Phìobaire a bheireamaid ris an duine seo. Agus chluicheadh am fear sin an ceòl mór no 'phìobaireachd mar a—tha mi cinnteach gu bheirte rithe, ged a bha feadhain nan dùil nach d' thàinig aon a nall a chluicheadh a' phìobaireachd, ach bha bha cunntais airsan gun chluidheadh e ceòl mór. Agus tha e coltach gu robh, chaidh aig' air beagan de bhàrdachd a dhèanamh; rinn e òran dha 'n phìob-chiùil aige fhéin. Agus tha e coltach gu robh pìobair' eile anns a' cheàrna cuideachd ann an àiteigin [ thuath/uair ? ]—bha eòlas aig' air. Agus 's ann air a, air an aon séisd mar—an aon cheòl a bhiodh an t-òran agus 'Thug mi gaol dha 'n fhear bhàn'. Agus 's e -


Gur e a' phìob agam fhìn
A rinn gu cinnteach mo cràdh
Gur a binne leam a glaodh
Na 'n crodh laoigh a bh' aig càch


Agus rinn e ceathramh ann


Cheangail am pìobair' i dà uair
Dhomhsa suas le cuid snàth
'S nuair a chluinninn—a chuirinn i ri m' chluais
Chluinnte fuaim 'sna Grand Ànse


'S iomadh àit' a robh mi riamh
Eadar Grianiag 's gach ceàrn'
Ach bho 'n thàinig mi 'n Pòn Mhór
Chaidh mo [mhòradh/bhore-adh?] le gràisg


Agus thuirt e ann an ceathramh eile,


Théid mi sìos, théid mi suas
'S gheobh mi fuasgladh bho chàch
Gheobh mi deannan dhe 'n mhin ruadh
Seach a bhith buain a' bhuntàt'


Agus sin na - na tha beachd agam air ach tha mi 'n dùil gun cuala mi ceathramh eile agus chaidh e buileach air seachran orm

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile