GF220i04 ÒRAN NA PÌOBA Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Eoghann Pìobaire Mac a' Phì | Hugh MacPhee Pìobaire uair dhe 'n aimsir a' còmhnuidh thall aig Cùl a' Phòin Mhóir, Eòghann Pìobaire. Agus thàinig e nall ás a' Ghàidhealtachd 's bha e 'còmhnuidh thall a' sin. Thog e teaghlach. Agus tha iar-oghaichean dha anns a' cheàrna fhathast. Tha aon dhe na iar-oghaichean aige Iain Eòsaph, Mac a' Phì, 's e mac do dh' Eachann Alasdair a' Phìobaire a bheireamaid ris. Agus tha iar-ogha dha 'fuireach shuas aig Gleann nan Èireannach, 's e Iain Mac a' Phì as ainm dhasan. 'S e mac do Niall Alasdair a' Phìobaire a bheireamaid ris an duine seo. Agus chluicheadh am fear sin an ceòl mór no 'phìobaireachd mar a—tha mi cinnteach gu bheirte rithe, ged a bha feadhain nan dùil nach d' thàinig aon a nall a chluicheadh a' phìobaireachd, ach bha bha cunntais airsan gun chluidheadh e ceòl mór. Agus tha e coltach gu robh, chaidh aig' air beagan de bhàrdachd a dhèanamh; rinn e òran dha 'n phìob-chiùil aige fhéin. Agus tha e coltach gu robh pìobair' eile anns a' cheàrna cuideachd ann an àiteigin [ thuath/uair ? ]—bha eòlas aig' air. Agus 's ann air a, air an aon séisd mar—an aon cheòl a bhiodh an t-òran agus 'Thug mi gaol dha 'n fhear bhàn'. Agus 's e - Gur e a' phìob agam fhìn A rinn gu cinnteach mo cràdh Gur a binne leam a glaodh Na 'n crodh laoigh a bh' aig càch Agus rinn e ceathramh ann Cheangail am pìobair' i dà uair Dhomhsa suas le cuid snàth 'S nuair a chluinninn—a chuirinn i ri m' chluais Chluinnte fuaim 'sna Grand Ànse 'S iomadh àit' a robh mi riamh Eadar Grianiag 's gach ceàrn' Ach bho 'n thàinig mi 'n Pòn Mhór Chaidh mo [mhòradh/bhore-adh?] le gràisg Agus thuirt e ann an ceathramh eile, Théid mi sìos, théid mi suas 'S gheobh mi fuasgladh bho chàch Gheobh mi deannan dhe 'n mhin ruadh Seach a bhith buain a' bhuntàt' Agus sin na - na tha beachd agam air ach tha mi 'n dùil gun cuala mi ceathramh eile agus chaidh e buileach air seachran orm