Back to recordings

Coin a' caoineadh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF219i06BN COIN A' CAOINEADH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Uill, airson a bhith bruidhinn air coin agus taibhs' a bhith aca, nuair a bhiodh na coin a' caoineadh, bhiodh 'ad 'ga chunntais gur e droch naidheachd a bh' ann. Glé thric nuair a chluinneadh 'ad cù 'caoineadh, dh'iarradh 'ad an cù a thoirt a-steach, gur e droch naidheachd a bh' ann, gu robh—gu robh e a' faicinn tòrradh air, air a—a' dol seachad, air neo gu robh e 'faicinn gnothach air choireigin a bha 'dol a thighinn timcheall air, tòrradh. Sin na naidheachdan a bhiodh aca air taibhsean nan each agus nan coin.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile