GF219i06BN COIN A' CAOINEADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Uill, airson a bhith bruidhinn air coin agus taibhs' a bhith aca, nuair a bhiodh na coin a' caoineadh, bhiodh 'ad 'ga chunntais gur e droch naidheachd a bh' ann. Glé thric nuair a chluinneadh 'ad cù 'caoineadh, dh'iarradh 'ad an cù a thoirt a-steach, gur e droch naidheachd a bh' ann, gu robh—gu robh e a' faicinn tòrradh air, air a—a' dol seachad, air neo gu robh e 'faicinn gnothach air choireigin a bha 'dol a thighinn timcheall air, tòrradh. Sin na naidheachdan a bhiodh aca air taibhsean nan each agus nan coin.