Òran do Dhùghaill Mac'IllFhinnein
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF218i06 ÒRAN DO DHÙGHAILL MAC'ILLFHINNEIN
Beulaiche: Seonaidh mac Dhonnchaidh 'ic Mhurchaidh Eoghainn Dhonnchaidh | Johnny MacLennan
Bàrd: Murchadh Mac'IllFhinnein | Murdoch MacLennan
[Séist]: Tha rudeigin 's tha rud ann,
Tha bheil ann gu robh mi [currachd/carach?],
Tha rudeigin 's tha rud ann.
'S ann aig àite 'Ic Ille Mhìcheil,
Bha na h-ìghneagan caomh leam,
Dhannsadh 'ad air ùrlar clàraidh,
Smàladh iad le an sàl a' choinneil.
'S tha 'illean 's iad ro mhì-mhodhail,
Bha iad daonnan a' dèanadh cron ann,
Cailleach is i a ceann air liathadh,
Is i ann riasladh deannan cloinneadh.
'S fhuair mis' an-diugh gu brònach,
Tha mi anns a' chàr a' tighinn,
Tillidh mise ri mo ghràidh,
An àite nach [fhuair/faod?] mi a' fuireach.
Chaill mi gaol gu Màiri Mhìcheil,
Tric a lìon i glainne.
Team notes:
Cf. Johnny Williams, "Tha Rudeiginn, Tha Rud Ann," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, May 12, 1978.