Òran a' Phost Office
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF214i06N ORAN A' PHOST OFFICE
Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell
Bàrd: Eoghan a' Phìobaire Mac a' Mhaighstir | Hughie the Piper | Hugh MacMaster
[Gussie Campbell]:
[Séist]: Tha mi seo gun chrodh gun chaoraich
Gun chrodh laogh gun chaoraich agam
'S ged tha mi gun chrodh gun chaoraich,
Gheobh mi fhathast às na glinn'.
'S dar a ruigeas iad an corner,
'S am post office ac' mun sgòrnan
Thig na postan uile còmhla,
Dh'ionnsaidh an organ gus a sheinn.
Labhair Luther anns a' Bheurla:
"I would like to run the mail route
I would run it night and day,
For any pay they'd offer me."
Cha ruig mi leas chuid eile dhe 'n òran [a ghabhail ?].
Dar a ruigeas iad Jamaica,
Gheobh iad feadhainn a th' air an gleusadh,
Feadhainn paillt cho [beàraidh?] ri John D.
Seo John D., a fear a bha 'deanamh a' sgriobhadh dhaibh airson am post office fhaighinn.
[John Shaw]: O seadh
[GC]: Labhair an Caimbeulach an gaisgeach,
'Illean òga bithibh tapaidh,
Tha rural route 'san fhasan,
Gheobh sibh e gun strì.
'S e m' athair a bha seo.
[JS]: O 's e.