GF214i06N ORAN A' PHOST OFFICE Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell Bàrd: Eoghan a' Phìobaire Mac a' Mhaighstir | Hughie the Piper | Hugh MacMaster [Gussie Campbell]: [Séist]: Tha mi seo gun chrodh gun chaoraich Gun chrodh laogh gun chaoraich agam 'S ged tha mi gun chrodh gun chaoraich, Gheobh mi fhathast às na glinn'. 'S dar a ruigeas iad an corner, 'S am post office ac' mun sgòrnan Thig na postan uile còmhla, Dh'ionnsaidh an organ gus a sheinn. Labhair Luther anns a' Bheurla: "I would like to run the mail route I would run it night and day, For any pay they'd offer me." Cha ruig mi leas chuid eile dhe 'n òran [a ghabhail ?]. Dar a ruigeas iad Jamaica, Gheobh iad feadhainn a th' air an gleusadh, Feadhainn paillt cho [beàraidh?] ri John D. Seo John D., a fear a bha 'deanamh a' sgriobhadh dhaibh airson am post office fhaighinn. [John Shaw]: O seadh [GC]: Labhair an Caimbeulach an gaisgeach, 'Illean òga bithibh tapaidh, Tha rural route 'san fhasan, Gheobh sibh e gun strì. 'S e m' athair a bha seo. [JS]: O 's e.