Far a la la, o ra hù a
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF213i07 FAR A LA LA, O RA HÙ A
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist]: Far a la la, o ra hù a
Hì ri iù a, ro i iù a
Far a la la, o ra hù a
Gruagach dhonn na biodh ort cùram
Chan eil muileann anns an dùthaich
'S ann a tha e 'an tìr an t-siùcair
An tìr nan uinnean is nan ùbhlan
An tìr a' chaineil, 's e bu chùbhraidh
An tig thu 'nochd, no am bi mi 'n dùil riut?
Nan tigeadh tu, dheànainn rùm dhut
Dhèanadh eadar mi 's an cùirtear
Eadar sin 's am balla dùmhail
Eadar mo dhà làimh nam b' fhiù leat
An téid mi 'mach 's an casg mi 'n cù dhut?
An dean mi a' choinneal gheal a mhùchadh?
Chunnachas a-raoir aig an dùnach
Tarruing ise leth cheann dùbailt'
Tarruing na fairge ga h-ionnsaigh
Muir 'ga suaineadh uair gu sùmhail
Bàrr nan crainn aice ri lùbadh
Tighinn o bhancaich na Loch Ùige
Dh'fhàg mi sac trom orm 'ga ghiùlain
Cha ruig fìdheall air na tiompadh
Na pìob mhòr an torghan dùmhail
Na pìob bheag nam feadan siùbhlach
Reference sources:
An Rudha, vol. 14 no. 2, p. 19; Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 251