GF213i07 FAR A LA LA, O RA HÙ A Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist]: Far a la la, o ra hù a Hì ri iù a, ro i iù a Far a la la, o ra hù a Gruagach dhonn na biodh ort cùram Chan eil muileann anns an dùthaich 'S ann a tha e 'an tìr an t-siùcair An tìr nan uinnean is nan ùbhlan An tìr a' chaineil, 's e bu chùbhraidh An tig thu 'nochd, no am bi mi 'n dùil riut? Nan tigeadh tu, dheànainn rùm dhut Dhèanadh eadar mi 's an cùirtear Eadar sin 's am balla dùmhail Eadar mo dhà làimh nam b' fhiù leat An téid mi 'mach 's an casg mi 'n cù dhut? An dean mi a' choinneal gheal a mhùchadh? Chunnachas a-raoir aig an dùnach Tarruing ise leth cheann dùbailt' Tarruing na fairge ga h-ionnsaigh Muir 'ga suaineadh uair gu sùmhail Bàrr nan crainn aice ri lùbadh Tighinn o bhancaich na Loch Ùige Dh'fhàg mi sac trom orm 'ga ghiùlain Cha ruig fìdheall air na tiompadh Na pìob mhòr an torghan dùmhail Na pìob bheag nam feadan siùbhlach