Mo nighean donn an t-sùgraidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF213i01 MO NIGHEAN DONN AN T-SÙGRAIDH
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John Dan MacNeil
[Séist]: Mo nighean donn an t-sùgraidh
'S mo chaileag bhòidheach, shunndach
Mo nighean donn an t-sùgraidh
'S do chùram a-huile là rium
'S gur ann air Didòmhnaich
A ràna mi do sheòmbair
Gun d' fhuair mi bhuat do phògan
'S bu deònach air an gabhail mi
'S gur ann air Diciadain
A ràna mi 'gad iarraigh
Gum b' fheàrr a bhios 'san t-sìorrachd
Na chiad là riamh a thachair sinn
'S gur mi air mo thàladh
Air mullach nam beann àrda
Do chàirdean 's 'ad ag ràdhainn
Gu bheil mi làn do 'n amhras
O b' fheàrr leam na mo chòta
Ged a ghabh thu air òr e
Gu robh mi is tu pòsda
'S gun chòir aig Cloinn 'IllEathainn oirnn
O b' fheàrr leam na mo léine
Ged sibh fhaisg 'gam éideadh
Gu robh mi is tu 'g éirigh
Gun neach fo 'n ghréin a' laighe leinn