GF213i01 MO NIGHEAN DONN AN T-SÙGRAIDH Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John Dan MacNeil [Séist]: Mo nighean donn an t-sùgraidh 'S mo chaileag bhòidheach, shunndach Mo nighean donn an t-sùgraidh 'S do chùram a-huile là rium 'S gur ann air Didòmhnaich A ràna mi do sheòmbair Gun d' fhuair mi bhuat do phògan 'S bu deònach air an gabhail mi 'S gur ann air Diciadain A ràna mi 'gad iarraigh Gum b' fheàrr a bhios 'san t-sìorrachd Na chiad là riamh a thachair sinn 'S gur mi air mo thàladh Air mullach nam beann àrda Do chàirdean 's 'ad ag ràdhainn Gu bheil mi làn do 'n amhras O b' fheàrr leam na mo chòta Ged a ghabh thu air òr e Gu robh mi is tu pòsda 'S gun chòir aig Cloinn 'IllEathainn oirnn O b' fheàrr leam na mo léine Ged sibh fhaisg 'gam éideadh Gu robh mi is tu 'g éirigh Gun neach fo 'n ghréin a' laighe leinn