Creideamh Làithean Obrach
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF186i06 CREIDEAMH LÀITHEAN OBRACH
Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell
[Malcolm Campbell]: [Cha?] tòisich 'ad air obair sam bith air DiHaoine. Agus feadhainn eile, cha tòisich 'ad air DiLuain.
[John Shaw]: Seadh.
[MC]: Tòisich air DiLuain, bidh e luath no bidh e mall.
[JS]: Sheadh.
[MC]: Bhiodh 'ad—bha sin aig feadhainn aca. Chuala mi feadhainn aig—chunnaic mi fear no dhà a bhiodh ga dèanamh, dhèanadh 'ad sin. Cha dèanadh 'ad sìon air DiHaoine. Uill thòisich 'ad air obair sam bith. Bhiodh 'ad a' dol a dhèanamh obair sam bith, cha thòisicheadh 'ad, nan tòisich 'ad ré na seachdain, bha sin, bha sin ceart gu leòr. Ach cha robh 'ad dol a thòiseachadh an obair air a' là ud.
[JS]: Seadh.
[MC]: Bhiodh 'ad a' seachnadh a' là DiLuain, cuid aca, 'son tòiseachadh obair. Nam biodh 'ad a' dol a’ chur air dòigh an taighe no sian sam bith mar sin. Bha siud aca, 'Tòisich air DiLuain, bidh i luath no bidh i mall".
[JS]: Sheadh.
[MC]: Agus cha robh fhios aca, cha robh 'ad a ghabhail an teans idir, gu robh i—
[JS]: Cha robh.