Cha tig Mór mo bhean dhachaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF184i12N CHA TIG MÓR MO BHEAN DHACHAIDH
Beulaiche: Dòmhnall Aonghais Bhàin | Dan Finlay Rankin
[Séisd]: Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd cha laigh i ri d’thaobh
Cha dhìrich mi bruach
'S cha tharraing mi 'nunn
O cha dhìrich e 'nunn
Tha mulad air m' inntinn
O cha d' fhuair mi 'raoir cadal
O cha d' fhuair mi 'raoir tàmh
O cha d' fhuair mi 'raoir cadal
Air lobht' an Taigh Bhàin
Tha an teine na lasan
Is gun do las e mo chleith
Tha an teine na lasan
Gun do las e mo chleith.
Bha esan a' deanamh, bha e 'deanamh—dé a dh' abras tu ris-e? Uell, 'grog'. Bha e ris a' ghrog. Bha grog aige. Bha e a' falach 'sa leabaidh. Bha e 'sa a' leabaidh. Thàinig na geàrdairean astaigh 'ga [breith?] .
Thòisich esan air gabhail òran. Uell, shin agad an t-òran a ghabh mi. Shin agad an t-òran a ghabh mi. Agus dh' fhàs 'adsan truagh air a shon. Cha do ghabh 'ad gnothach ris is dh' fhalbh 'ad. Cha do dh' eug a bhean idir ach chuir esan mar siud e. Bha buideal 'sa leabaidh is—uill shin agad, shin agad, 's ann a chaidh an t-òran sin a dheanadh. 'S e fear eile a bha 'ga innse dhomhsa. Shaoil leamas gur e a bhean aige a dh' eug. Cha do dh' eug i idir ach ghabh esan—cha robh còrr—cha robh còrr dòigh aig' air 'faighinn clìor, is studaig e air a' seo is thoisich e an t-òran. Dh' fhàs 'ad cho truagh air a shon 's dh' fhalbh 'ad, is dh' fhàg 'ad e. Chuir e am buideal bha sin 'sa leabaidh is e air a choveraigeadh suas. Sin a' rud a bha thu 'g iarraigh?
Uell, shin agad e.