Back to recordings

Sgeul às an Apainn (le naidheachd)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF233i01 SGEUL ÀS AN APAINN


Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw


Nuair a ghluais mi 'sa mhadainn
Fhuair mi sgeul às an Apainn as ùr;
Chuir siod smuairean air m' aigne
Cha ghluais mi ann an cabhaig le sunnd.
Chuir sin mulad air m' inntinn
Nach urrainn mi [dìreadh/dhìobar?] ri m' bheò;
'S ged a théid mi dha 'n leabaidh
Chan fhaigh mi ann cadal le bròn.


Nuair a fhuair mi do litir
Bha mo chridh-sa clisgte 'nam chléibh;
Nuair a leubh mi gu tric i
Dh' fhalbh mo léirsinn 's mo mhisneach [gu léir/bhuam?].
Gur e fhuair mi dha mo dhòrainn
Gun do chaill mi mo chòir air an té
Anns a' robh mi làn dòchais
Gum biodh i cho deònach rium fhéin.


Tha do phearsa gun fhàilinn
Òigh mhìn mhaiseach àlainn gheal réidh,
Gruaidh mar ubhal nan gàradh,
Beul bu bhinne na clàrsach nan teud;
Gur e gile do bhràghad
Na 'n canach a' fàs ['sa ghort réidh / an cois sléibh?],
Ged as mór e ri ràitinn
No an sneachda seo thànaig an dé.


Nist bho 'n d' thréig thu mi buileach
'S ann a bhios mi [air tuireadh / fo mhulad/gu tuilleadh?] fo ghruaim;
Ged a chluinninn ceò' fìdheall
Chaoidh cha tog e mo chridh' 's cha ghluais.
'S bidh mi tuilleadh fo mhìghean
Ged bu dùthchas dhomh misneach is cruas;
[Ach mo shùilean ri snighe]
'S mi ri caoidh na tha dhìth orm 's gach uair.


Nuair a chuala mi caithream
Nam pìob tighinn 'nan deannal a-nuas,
Sheall mi 'n sin air mo chailin,
Bha na deòir cur nan car dhiubh m'a gruaidh.
Ach nam biodh iad agam,
Na treun-fhir nach b' aithne chur bhuainn,
Cha robh air a' bhanais
Na chumadh mo leannan-sa bhuam.


Ann an cromadh an anmoich
Nuair a bhithinn 's tu seanchas gu ciùin,
Cha b' fhada gu dearbha
Liom an oidhche nuair a shealbhaichinn thu.
Bha thu cuimir neo-chearbach,
Chan fhacas riamh fearg air do ghnùis;
Mar a dhealbh bhradain do chalpa,
Liom bu mhiann a bhith sealg air mo rùn.


[?]. Siud gu leòr.


Mo bhràthair a chaidh a mharbhadh a's a' chiad chogadh, Eòs, bhiodh e daonnan a' seinn an òran sin. 'S bha cù againn, a bha daonnan a' falbh na chois. Agus nuair a rachadh e a-mach a dh'obair a dh'àite sam bith bhiodh an cù daonnan còmhl' ris. Bhiodh e 'seinn an òran sin. Agus rinn—nuair a dh'fhalbh e, nuair a dh'fhalbh e dha 'n chogadh, greis—greis a dh'ùine an deaghaidh dha falbh, bha mo phiuthar là, 's i shuas air a' lobhtaidh, agus i, mar a bheireadh 'ad, 'hookadh mattaichean' bhiodh 'ad a' cuir air an ùrlar. Agus thòisich i air seinn an òran. 'S bha an cù na laighe 'sa chidsin. Thog e ceann 'sa mhionaid. Agus rud nach d' rinn e riamh roimhe, chaidh e suas a' staidhir. Bha eagal aige ro 'n staidhir, agus bha siud a' chiad turas a chaidh e suas a dh'ionnsaigh na lobhta. Agus cha robh fios aice dé bheireadh i nuair a chunnaic i 'n cù a' coiseachd a-staigh far a' robh i. Agus smaointich i an uair sin dh'fhaoidte gur e seo a bh' ann, is stad i [dhe 'n?] òran. Nuair a stad an t-òran, choisich an cù a-mach. Thòisich i sin an ceann [?] a-rithist, thill e 'staigh a-rithist. Tha siud car doirbh a chreidsinn, ach tha cuimhn' agam a' là a thachair siud.

Archie MacKenzie
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 24 recordings Faic pròifil | view profile