Eachdraidh Fhionnlaidh Mhóir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF184i07N EACHDRAIDH FHIONNLAIDH MHÓIR
Beulaiche: Dòmhnall Aonghais Bhàin | Dan Finlay Rankin
Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin
[Dan Finlay Rankin]: …chuir air. Thàinig esan a-staigh air a'—air a'—air a' taobh tuath dhe 'n Cheap.
[John Shaw]: Thàinig.
[DFR]: Thàinig e a-staigh air a' chladach air an taobh tuath dhe 'n Cheap—Fionnlagh Mór, le chuid theaghlach—bha ochdnar ann.
'S ann às an eilein a thàinig 'ad an trup mu dheireadh, dar a thàinig 'ad gu tìr air cladach a' Cheap. Dar a thàinig e 'staigh dh'ionnsaigh—mu 'n d' thàinig 'ad 'staigh a dh' ionnsaigh a' chladaich, thuit fear dhuibh a-mach [is bha e ri shàbhail?] is chaidil 'ad fon bhàta fad na h-oidhch'.
[JS]: Chaidil.
[DFR]: Bheil feum a' sin?
[JS]: Tha.
[DFR]: Tha?
[JS]: Tha
[DFR]:Cha do chuir thu air tape idir e.
[JS]: Chuir.
[DFR]: Do chuir?
[JS]: Chuir.