GF184i07N EACHDRAIDH FHIONNLAIDH MHÓIR Beulaiche: Dòmhnall Aonghais Bhàin | Dan Finlay Rankin Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin [Dan Finlay Rankin]: …chuir air. Thàinig esan a-staigh air a'—air a'—air a' taobh tuath dhe 'n Cheap. [John Shaw]: Thàinig. [DFR]: Thàinig e a-staigh air a' chladach air an taobh tuath dhe 'n Cheap—Fionnlagh Mór, le chuid theaghlach—bha ochdnar ann. 'S ann às an eilein a thàinig 'ad an trup mu dheireadh, dar a thàinig 'ad gu tìr air cladach a' Cheap. Dar a thàinig e 'staigh dh'ionnsaigh—mu 'n d' thàinig 'ad 'staigh a dh' ionnsaigh a' chladaich, thuit fear dhuibh a-mach [is bha e ri shàbhail?] is chaidil 'ad fon bhàta fad na h-oidhch'. [JS]: Chaidil. [DFR]: Bheil feum a' sin? [JS]: Tha. [DFR]: Tha? [JS]: Tha [DFR]:Cha do chuir thu air tape idir e. [JS]: Chuir. [DFR]: Do chuir? [JS]: Chuir.