Sgìre Mo Chealaig
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF181i07_182i01 SGÌRE MO CHEALAIG
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Sgeulachd—Sgìr' mo Chealaig—chuala mi Sgìr' mo Chealaig aig Eachann Mac 'Ille Mhaoil bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean 's bha pàirt dheth air dhol air dìochuimhn' 'am ach chunnaic mi sineach as—ann an leabhar, na [dhùraich?] e dhomh i air n-ais. Agus seo mar a bha i aigesan.
[tape cut]—ann an leabhar no ann am pàipear, air neo 's dòcha gur ann ann am pàipear naidheachd a fhuair e 'n sgeulachd a bha seo.
Ach co-dhiù bha fear ann agus chaidh e gu taigh tuathanaich agus—aig an robh aon nighean agus phòs e 'n nighean a bha seo ann an—ann an Sgìre mo Chealaig. Agus dh' fhuirich e còmhla riùth' ann an àm—an àm buain na mòineadh agus bha ceathrar ac' a-mach là buain na mòineadh. Agus chaidh a' bhean òg dhachaigh airson biadh fhaighinn [ dhi? ]—dhaibh. Agus nuair a chaidh i 'staigh, chunnaic i srathair na làire brice crochte gu h-àrd agus smaointich i nan tuiteadh an t-srathair oirre, gu rachadh i fhéin 's na bh' air a siubhal a mharbhadh.
Co-dhiù nuair a—ghabh i an t-eagal gum marbhadh srathair na làire brice i fhéin 's na bh' air a siubhal, thòisich i air caoineadh. Is bhathar a' gabhail fadachd nach robh i tighinn no cuir fios thuige—orra gu 'm biodh agus 's ann air a dh' fhalbh a màthair suas feuch gu dé a bha dol air n-aghaidh. Nuair a ràinig i shuas fhuair i a' bhean òg a' caoineadh agus dh' fhaighneachd i gu dé a bha ceàrr oirre, agus co-dhiù dh' inns' i dhi mu dheidhinn; gu faca I srathair na làire brice crochte agus gun do—d' thuirt i rithe fhéin nan tuiteadh an t-srathair oirre gum marbhadh i i fhéin 's na bh' air a siubhal agus, "Nach ann ormsa a thàinig an latha!" ars' a màthair, 's thòisich i fhéin air caoineadh agus bha 'ad ann a' sin.
Co-dhiù bha an ùine a' dol seachad ach 'sann a dh' fhalbh an seann duine suas feuch gu dé a bha dol leotha agus nuair a ràinig e shuas bha 'ad, an dithis aca, a-staigh a' caoineadh agus dh' fhaighneachd e gu dé a bha ceàrr orra 's chaidh innse dha. Is "Nach ann orm fhìn," ars' esan, "a thàinig an latha!". Is thòisich e fhéin air caoineadh.
Ach feas—bha an oidhche gu tighinn 'a bha 'm fear eile a' fàs gu math acrach an uair sin agus chaidh e suas dh' ionnsaigh an taighe. Agus bha 'ad ann a' sin, an triùir aca, a' caoineadh agus dh' fhaighneachd e dhaibh gu dé a bha dol a' seo, is dh' inns 'ad dha. " 'N dà," ars' esan, "Cha do thuit an t-srathair idr."
Agus co-dhiù chaidh 'ad a chadal, ach 'sa mhadainn nuair a dh' éirich 'ad, "An dà", ars' esan, "tha mi falbh a-nist feuch am faigh mi triùir cho gòrach ribh".
Agus dh' fhalbh e agus fada no goirid gu robh e a' siubhal, thàinig e gu taigh. Agus bha triùir bhoireannach 'san taigh a's an t-àit' a bha seo, agus "Cha bhuin sibh dha 'n àite—am buin thu dha 'n àite seo?" arsa té dhiubh.
"Cha bhuin," ars esan. "Cha bhuin sibhse dha 'n àite?"
"Cha bhuin," ars ise.
"Agus," thuirt i, "tha," ars' ise, "tha na daoine seo," ars' ise, "bheir thu orra rud sam bith a chreidsinn."
"Ma tha," ars' esan, "an té agaibh a's fheàrr a bheir air a companach a chreidsinn—rud a chreidsinn, gheobhadh i fà—gheobhadh i bhuamsa fàinne òir," no bonn òir, gu robh ann.
Agus-co dhiù thàinig fear dhiubh dhachaigh.
Agus, "Tha thu tinn," ars' a bhean.
"A bheil?" ars' esan.
"Tha," ars' ise. Agus, "Cuir dhìot 's theirig dha 'n leab—cuir dhìot 's theirig dha 'n leabaidh." Ach co-dhiù chaidh e dha 'n leabaidh agus choimhead i air. "Tha thu marbh!" ars' ise.
"A bheil?" ars' esan.
"Tha," ars' ise. "Dùin do shùilean 's na gluais do làmhan. Fuirich ann a' sin."
Co-dhiù, thàinig a' sin fear eile dhachaigh. "Cha tu a th' ann," ars' ise.
"Nach mi?" ars' esan.
"Cha tu," ars' ise. Is thog e rithe; thug e a' choill' air. Agus co-dhiù thàinig an trìtheamh fear dhachaigh agus chaidh e—chaidh e dha 'n leabaidh. Chaidh e a chadal. Ach co—dhiù bhathar dol a thìodhlacadh an fhear a bha marbh. Agus thuirt ise ris, " 'S fheàrr dhut," ars' ise, "a bhith ag éiridh, falbh còmhla ris—dh' ionnsaigh an torradh." Dh' éirich e.
Agus "Càit' a bheil mo chuid aodaich?" ars' esan.
"Tha do chuid aodaich umad."
"A bheil?" ars' esan.
"Tha," ars' ise. 'S dh' fhalbh e. Agus bha e lom rùisgte, is nuair a ràinig e, g—"Dèan cabhag," ars' ise. "[ ? ] mu 'n tig thu suas riutha agus ruith—ruith e sìos. Thàinig e suas ris—ris a' ghiùlan agus nuair a chunnaic 'ad a' fear a bha seo a' tighinn, 's e lom rùisgte, 's ann a theich 'ad.
Agus thàinig am fear eile a bha 'sa choillidh. Thàinig e a-nuas, agus, "An tus' a th' ann?"
"Cha mhi," ars' esan.
"An tusa—is tusa Tormod."
"Cha mhi," ars' esan.
"Nam bu mhise Tormod dh'aithicheadh mo bhean fhéin mi. 'S e mo bhean thuirt rium—riums'", ars' esan, "gu -…"
—"Carson", ars' esan, a fear eile, "a tha thu a' seo gun—lom rùisgte?".
"O," ars' esan, " 's e mo bhean thuirt riumsa gu robh mo chuid aodaich umam."
" 'S e mo bhean a thuirt riumsa," ars' a' fear a bha 'sa chiste, "gu bheil mi marbh." Agus theich 'ad uile gu léir. Agus 's e an té a chuir a companach dha 'n a' chistidh, 's i a bhuannaich am bonn òir no a' fàinn' òir gu robh ann.
Ach-co dhiù thog e rithe, a' dol dhachaigh 's thuirt e ris fhéin, gum fhac' esan an niste, gum fhac' e triùir a bha cho gòrach ris an fheadhainn a dh' fhàg e aig an dachaigh. Ach co-dhiù nuair a bha e falbh chunnaic e bàta tighinn a-staigh—'ad a' tighinn a-staigh bho iasgach. Is bha—agus chaidh a dhà dheug a-mach 'sa bhàta ach nuair a thàinig 'ad air tìr cha robh ann ach a h-aon deug. Agus gu dé a dh' éirich dha 'n fhear eile? Bha h-aon deug - "Bha dhà dheug again ann," thuirt 'ad ris, "nuair a chaidh sinn a-mach, agus chan eil ann," ars' esan, "chan eil ann ach a h-aon deug."
Agus cha robh fear a bha 'gan cunntais 'ga chunntais fhéin idir. " 'S gu dé an duais a bheir sibh dhomh-sa," ars' esan, "ma gheobh mi a' duine air chall?" O, bheireadh 'ad duais sam bith a dh' iarradh e.
Theirigibh sìos," ars' esan, " 'nur seasamh". 'S chuir e 'ad taobh ri taobh ann an sreath 's fhuair e pìos de mhaide 's thug e sràc do fhear 'sa cheann.
"Cùm thusa cuimhne gu robh thu air a' bhàt', is gu robh thu fhéin ann," ars' esan, 'is lean e orra mar sin, thoirt buille 's dhe 'n h-uile fear 's 'gan cunntais, is bha na dhà dheug ann. Uill, bha 'ad cho toilichte gun d' fhuair e na dhà dheug aca. Agus chan e duais a thoirt dha idir; cha deanadh sin an gnothach. 'S ann a dh' fheumadh 'ad cuirm a dhèanamh dha mu falbhadh e.
Agus chunnaic e iomchaidh bho 'n a bha e ann, gu faigheadh 'ad iasg. Agus bha loch goirid dhaibh.
Agus thuirt e riùth' an loch a thràghadh, an uisg' a leigeil ás a' loch, 's rinn 'ad sin. 'S cha robh sian 'san loch ach aon easgann mhór. Agus rinn iad a-mach gura h-e 'n easgann a dh' ith an t-iasg uile, agus dh' fhalbh 'ad leatha, a' dol 'ga cuir— tilgeil a-mach air a' mhuir gus a bàthadh.
Ach co—dhiù dh' fhalbh esan. Bha 'ad seo cho gòrach ris a' chòrr, ach dh' fhalbh e agus ma fada no goirid gun deachaidh e, chunnaic e [ceathrar?] 's 'ad a' feuchainn ri mart a chuir suas air mullach an taighe, agus feur a' fàs gu h-àrd. Bha an taigh air a thughadh, 's bha feur a' fàs ann. Bha [ ? ] feuchainn ris a' mhart a chuir suas.
"Dé an duais a bheir sibh dhomhsa," ars' esan, "nam faighinn—faighinn a' feur dha 'n mhart?"
"O," ars' àsan, "bheir sinne [dhut?] duais dhut b' e dé a dh' iarradh tu."
'S cò-dhiù. Thuirt e nan tugadh e duais dha gum faigheadh esan am mart dh' ionnsaigh an fheòir 's chaidh e suas, agus gheàrr e a' feur, is thug e dh' ionnsaigh a' mhairt e, is bha a' mart dh' ionnsaigh an fheòir. Agus chaidh e dhachaigh.
Agus sin agaibh mar a bha na daoine—o bha co-dhiù nuair—air a' cheum, air a' rathad a' dol dhachaigh, chunnaic e fear a' falbh agus mart aige air uachdar na cairteadh a' falbh leatha dhachaigh, each is cairt agus mart agus aige air uachdar na cairt. Agus rinn iad a-mach gur a h-e gun deachaidh am mart seo goid. Agus chaidh an toirt gu cùirt. Agus 's e an t-each a bha tarraing a' mhairt dhachaigh, agus bho 'n is e an t-each a bha tarraing a' mhàirt, 's e an t-each a chroch 'ad.
Agus sin mar a thuirt na bàird ma dheidhinn—ma dheidhinn Sgìr' mo Ceallaig, thuirt am bàrd a bh' ann an Albainn Ùir fhéin, ma bha lagh Sgìr' mo Chealaig cam nuair a chroch 'ad an t-each ri [ceann/crann?] . Agus 's ann nas caime a tha lagh teann cuir slabhraidh ri fear curanta. Tha sin agad mar a bha naidheachd a fhuair mi bho Eachann Mac 'Ille Mhaoil air Sgìr' mo Chealaig.
Reference sources:
Popular Tales of the West Highlands: Volume II, ed. J. F. Campbell, (1890), p. 378