Back to recordings

An Crodh a' Laighe air an Aon Réir

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF172i04 AN CRODH A' LAIGHE AIR AN AON RÉIR


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



A' bruidhinn air comharran na sìde, bha comharran eile aig feadhainn dhiubh air an t-sìde nuair a bhiodh an crodh na laidhe 'sa bhualaidh, na laigheadh 'ad uile air an aon réir, bhathar a' cunntais gum b'e stoirm—droch shìde a bhiodh a' tighinn. Ach nam biodh 'ad a' laighe sìos agus té 's a h-aghaidh air gach taobh cha robhar a' cunntais gu robh droch shìde a' tighinn an uair sin idir. Co-dhiù bha is gu nach robh sin fìor, chan eil fhios a'm.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile