GF172i04 AN CRODH A' LAIGHE AIR AN AON RÉIR Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A' bruidhinn air comharran na sìde, bha comharran eile aig feadhainn dhiubh air an t-sìde nuair a bhiodh an crodh na laidhe 'sa bhualaidh, na laigheadh 'ad uile air an aon réir, bhathar a' cunntais gum b'e stoirm—droch shìde a bhiodh a' tighinn. Ach nam biodh 'ad a' laighe sìos agus té 's a h-aghaidh air gach taobh cha robhar a' cunntais gu robh droch shìde a' tighinn an uair sin idir. Co-dhiù bha is gu nach robh sin fìor, chan eil fhios a'm.