Back to recordings

Buaileadairean

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF167i02 BUAILEADAIREAN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha mi a' bruidhinn roimhe air ceàrdan dùthchadh 's mar a bha 'ad a' dol air adhart. Agus bha— 's e cuid mór de mhalairt a bhiodh ann as gach dòigh. Bha an fheadhainn a bhiodh a' dol mu'n cuairt leis na sùistean a' bhuaileadh. Bha feadhainn sònraicht' ann. Bha 'ad gàbhaidh math gu bualadh agus bhiodh 'ad sin 'gam fasdadh aig na tuathanaich. Agus bhathar ag ràdh rium gur a h-e an t-seachdamh peice no buiseal no ge—mar gum biodh ann a bha iad a' faighinn. Nuair a bhuaileadh 'ad seachd—seachd peiceanan no seachd buiseal—gu robh 'ad fhéin a' faighinn aon fhear dhiubh sin. B' e sin an tuarasdal. Agus rachadh ac' air—air an gràn a bha sin a réic ma bha—ma bha iad is pailteas dheth 'ad fhéin, 's mura robh, bheireadh 'ad leòtha dhachaigh an gràn.


Agus bha cuid dhiubh a bh' air an cunntais na b' fheàrr airson bualadh na càcha. Ach tha mi an dùil gur a h-e obair gu math doirbh a bhiodh ann airson—dhe 'n fhear a b' fheàrr dhiubh gu bualadh nuair a rachadh e bhith—a bhith 'g obair air sùist fad latha air ùrlar sabhail. Cha b' e obair glé ghrinn a bh' ann idir. 'S tha mi cinnteach gum feumte 'n còrr—'n gràn a chrathadh mu rachadh—co-dhiù mu rachadh a thomhas, agus dh' fheumte sin a dheanamh latha a bhiodh soirbheas ann gun a bhith tuilleadh 'is làidir. Ach dh' fheumadh e bhith làidir gu leòr aison a' moll a shéideadh air falbh far a' ghràin. Chunna mi iad ris a' sin, ri chrathadh a' choirce, tric gu leòr.


Ach ma—ri ùine sin thàinig innealan beaga, muilnean—muileann beag airson bualadh. Bha 'ad aca sin, agus bhathar a' cur mu'n cuairt. Bha—bha rothan 'na bhroinn air—air an robh fiaclan 's bha an darna fear a' greimeachadh an fhir eile 's bhathar a' tionndadh. Bha e ri tionndadh rud mar gum biodh buidseal beag ann an broinn a' mhuilinn agus fiaclan air 's bha e 'stròiceadh leis sìos a' ghrà—an fhodair, agus bha e trusadh na gràin far na—far nan dias mar a bha 'ad a' dol troimhe. Is bha sin ri thoirt a-mach agus a chrathadh ach ged—ged a bha e fhéin, bha e toirt saothair—sàbhaladh saothair mhór dhaibh agus bha e ealamh seach a bhith 'g obair leis na sùistean. Agus tha mi cinnteach nach can mi 'n corr mu dheidhinn—ris na muilnean bualaidh bho 'n a tha thàinig 'n fheadhainn mhóra ro na h-innealan, bhiodh 'ad sin air falbh le luathas agus dh' fheumadh 'ad roinn a bhith orra ag obair mu'n cuairt orra. Cha deanadh—cha deanadh dithist no triùir an gnothach. Dh' fheumadh co-dhiù—dh' fheumadh ceathrar no còignear no sianar a bhith 'g obair timchioll orra sin. Ma bha muileann gàbhaidh luath agus 'toirt leis cuid mhór dhe 'n gràn—dhe 'n fhodair a bha air a chuir thuige, dh' fheumadh dithist a bhith gu h-àrd. Fear a' cur a-nuas far mullach na min 's fear eile air àite bhos cionn a' mhuilleir. Agus dh' fheumadh fear a bhith a' cumail cunntais air tomhas a' ghràin a bha 'tighinn a-mach bho 'n mhuileann agus dh' fheumadh fear dhiubh toirt air falbh an fhodair bho chùl a' mhuilinn agus cuideigin eile no dithist 'ga glacadh sin 's 'ga, 'ga—'ga stòradh an darna taobh 's 'ga stampadh. Agus tha mi 'smaointinn gu bheil mi a' faicinn feadhainn aca fhathast a' tighinn a-mach a's a' sin 's na h-aodainn aca cho dubh 's gun saoilieadh tu gur ann ás an tòrr luathadh a bha 'ad air tighinn.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile