Back to recordings

MacCoinnich agus a' Chuibhle-Shnìomh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF349i04E MACCOINNICH AGUS A' CHUIBHLE-SHNÌOMH


Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis



Bha fear MacCoinnich ann, bha e gu math sgaiteach, car -- bhiodh e 'dol mu chuairt, bha e na thuairnear, 's bhiodh e 'deànamh sèithrichean. 'S chaidh e -- bhiodh e 'dol mu chuairt an toiseach, a' gabhail òrdain, fhios agad, 's thàinig e gu taigh, is bha bean an taighe bha i -- bha deuchainn aice ris a' chuibhle snìomh, cha robh i 'ruith dòigheil, 's bhiodh i 'tilgeil a' bhann.


'S thuirt a' companach ris, chan eil fhios 'n téid agad air sian a dheànamh ris a' chuibhle snìomh, gun robh i, a bhean aig', a' faighinn deuchainn leatha. 'S o, chuir e air dòigh i ann an ùine gheàrr. Thuirt fear an taighe, "Uill, tha mi -- tha sin math. Dé a-nis a bhios, a chosgais sin?" thuirt e.


"O, cha bhi -- cha chosg e sian."


"O, tha sin tuilleadh 's a chòrr," thuirt e.


"O ma thà, thoir leth dheth do dhuin' eile".


Murdoch Gillis
Gleann nan Sgitheanach | Skye Glen 7 recordings Faic pròifil | view profile