Back to recordings

A' Gearradh Leum leis an Tuaigh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF157i07 A' GEARRADH LEUM LEIS AN TUAIGH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



A-rithist, mar a thuirt mi 's—bha duin' a dh'fhoighneachadh cheistean dheth 's nach robh riatanas sam bith a bhith foighneachd nan ceistean dheth, a bhith a' cur ceistean gu leòr air, bha freagairt aige daonnan. Nan tachradh e riut agus e a' falbhadh a dh'àit-eigin is tuagh aige air a ghualainn, bhiodh tu seanchas ris agus, "Dé tha thu dol a ghearradh leis an tuaigh an-diugh, Aonghais?"
"An dà, a bheil fhios agad," chanadh e, "gu robh dùil agam a dhol a ghearradh leum leatha?"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile