GF157i07 A' GEARRADH LEUM LEIS AN TUAIGH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A-rithist, mar a thuirt mi 's—bha duin' a dh'fhoighneachadh cheistean dheth 's nach robh riatanas sam bith a bhith foighneachd nan ceistean dheth, a bhith a' cur ceistean gu leòr air, bha freagairt aige daonnan. Nan tachradh e riut agus e a' falbhadh a dh'àit-eigin is tuagh aige air a ghualainn, bhiodh tu seanchas ris agus, "Dé tha thu dol a ghearradh leis an tuaigh an-diugh, Aonghais?" "An dà, a bheil fhios agad," chanadh e, "gu robh dùil agam a dhol a ghearradh leum leatha?"