Back to recordings
Gheobh Mo Ghaol Brochan Bainne
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF153i01 GHEOBH MO GHAOL BROCHAN BAINNE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Gheobh mo ghaol, gheobh mo ghaol,
Gheobh mo ghaol brochan bainne,
Nuair a bheireas an crodh laoigh,
Gheobh mo ghaol brochan bainne.
Bha tionndadh eile aca air:
Gur e Màiri mo luaidh;
Gur e Màiri mo leannan,
Gur e Màiri mo luaidh,
'S tha mi deònach air leantail.
Agus bha an uair sin tionndadh air:
Thug 'ad bhuamsa mo luaidh;
Thug 'ad bhuamsa mo leannan,
Thug 'ad bhuamsa mo luaidh,
Dòmhnall Dùghallach mac Chaluim.