GF153i01 GHEOBH MO GHAOL BROCHAN BAINNE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Gheobh mo ghaol, gheobh mo ghaol, Gheobh mo ghaol brochan bainne, Nuair a bheireas an crodh laoigh, Gheobh mo ghaol brochan bainne. Bha tionndadh eile aca air: Gur e Màiri mo luaidh; Gur e Màiri mo leannan, Gur e Màiri mo luaidh, 'S tha mi deònach air leantail. Agus bha an uair sin tionndadh air: Thug 'ad bhuamsa mo luaidh; Thug 'ad bhuamsa mo leannan, Thug 'ad bhuamsa mo luaidh, Dòmhnall Dùghallach mac Chaluim.