Back to recordings
Mo chuachag laghach thu
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF152i11 MO CHUACHAG LAGHACH THU
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Port phìobadh a' seo a bhiodh Eóghann MacÌosaig 'ga chluich:
Mo chuachag laghach thu,
Mo chuachag chridheil thu,
Mo chuachag bhòidheach,
Cha toir mi dha na gillean thu.
'S ann geal a bha thu,
'S ann bàn a bhiodh tu,
'S ann geal a bha thu.
Chan eil cuimhn' agam a-nist air—facal 'gam dhìth ach bha 'n uair sin:
Mar gum biodh na smeòraichean,
Mar gum biodh na pioghaidean,
Mar gum biodh na smeòraichean,
Nuair a bhiodh na neadan ac'.