GF152i11 MO CHUACHAG LAGHACH THU Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Port phìobadh a' seo a bhiodh Eóghann MacÌosaig 'ga chluich: Mo chuachag laghach thu, Mo chuachag chridheil thu, Mo chuachag bhòidheach, Cha toir mi dha na gillean thu. 'S ann geal a bha thu, 'S ann bàn a bhiodh tu, 'S ann geal a bha thu. Chan eil cuimhn' agam a-nist air—facal 'gam dhìth ach bha 'n uair sin: Mar gum biodh na smeòraichean, Mar gum biodh na pioghaidean, Mar gum biodh na smeòraichean, Nuair a bhiodh na neadan ac'.