Back to recordings
Làthaichean Rathail is Mì-rathail
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF152i07 LÀTHAICHEAN RATHAIL IS MÌ-RATHAIL
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Gnàth-fhacail eile a bh' aca air làithean rathail 's mì-rathail:
Rud a nithear tòiseachadh air DiLuain, bidh e luath no bidh e mall, 's mì-shealbhach moch DiLuain a dhol a bhuain na maighdean.
Chuala mi a' facal sin aig cuideigin. Tha mi 'smaoineach an duine mu dheireadh aig an cuala mi na facail sin gur h-ann aig Alasdair MacUalraig a bha e. No ma dh'fhaoidte gur h-ann aig Mac a' Ghobhainn. Bha e fhéin cho gàbhaidh ionnsaidh na faclan a bha 'sin.
Notes (fieldnotes):
Source: Alasdair MacUalraig [Alexander Kennedy] or Mac a' Ghobhainn [Smith]