GF152i07 LÀTHAICHEAN RATHAIL IS MÌ-RATHAIL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth-fhacail eile a bh' aca air làithean rathail 's mì-rathail: Rud a nithear tòiseachadh air DiLuain, bidh e luath no bidh e mall, 's mì-shealbhach moch DiLuain a dhol a bhuain na maighdean. Chuala mi a' facal sin aig cuideigin. Tha mi 'smaoineach an duine mu dheireadh aig an cuala mi na facail sin gur h-ann aig Alasdair MacUalraig a bha e. No ma dh'fhaoidte gur h-ann aig Mac a' Ghobhainn. Bha e fhéin cho gàbhaidh ionnsaidh na faclan a bha 'sin.