Back to recordings
A-null am monadh, a-nall am monadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF149i35 A-NULL AM MONADH, A-NALL AM MONADH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] A-null a' monadh, a-nall am monadh,
A-null a' monadh le Teàrlach,
A-null 's a-nall, a-null 's a-nall,
A-null a' monadh le Teàrlach.
Agus bha 'n uair sin—bha rudeigin ann mu:
A-null am monadh, 's a-nall bho 'n Fhraing,
'S gun tiginn a-nall DiMàirt air.
[John Shaw:] Seadh.
[JNM:] Ach bha 'n uair sin tionndadh eile aca. Cha [chluinneadh?] ach seo idir. Tha mi 'n dùil gur e rud a chuireadh air:
Cha dèan mi 'n obair, cha dèan mi 'n obair,
Cha urrainn dhomh 'n obair a dhèanamh,
Chan ith mi biadh 's chan òl mi deoch,
'S an gaol an deoghaidh mo lìonadh.