GF149i35 A-NULL AM MONADH, A-NALL AM MONADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] A-null a' monadh, a-nall am monadh, A-null a' monadh le Teàrlach, A-null 's a-nall, a-null 's a-nall, A-null a' monadh le Teàrlach. Agus bha 'n uair sin—bha rudeigin ann mu: A-null am monadh, 's a-nall bho 'n Fhraing, 'S gun tiginn a-nall DiMàirt air. [John Shaw:] Seadh. [JNM:] Ach bha 'n uair sin tionndadh eile aca. Cha [chluinneadh?] ach seo idir. Tha mi 'n dùil gur e rud a chuireadh air: Cha dèan mi 'n obair, cha dèan mi 'n obair, Cha urrainn dhomh 'n obair a dhèanamh, Chan ith mi biadh 's chan òl mi deoch, 'S an gaol an deoghaidh mo lìonadh.