Back to recordings
Tha laogh anns a' ghamhnaich
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF149i20 THA LAOGH ANNS A' GHAMHNAICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Tha laodh anns a' ghamhnaich,
Cha bheir i e gu samhradh,
Tha laodh anns a' ghamhnaich,
Cha d' fhuair i bainne geamhraidh.
Cha toir i boinne, boinne, boinne,
Gus an tig an samhradh.
Sin mar a chuala mise na bh' air—nuair a bha 'ga—
[John Shaw:] Seadh.
[JNMN:] chantail a-mach na fhaclan. Ach bha 'ad a' tionndadh a-null gu bhiodh e—[?] chuir air dòigh eile 's cha robh faclan idir air ach a' falbh leis a' cheòl. 'S bha 'ad a' sguir dhe na faclan aige sin. Sin an rud a chuir a chuid mhór a dhìth.