GF149i20 THA LAOGH ANNS A' GHAMHNAICH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Tha laodh anns a' ghamhnaich, Cha bheir i e gu samhradh, Tha laodh anns a' ghamhnaich, Cha d' fhuair i bainne geamhraidh. Cha toir i boinne, boinne, boinne, Gus an tig an samhradh. Sin mar a chuala mise na bh' air—nuair a bha 'ga— [John Shaw:] Seadh. [JNMN:] chantail a-mach na fhaclan. Ach bha 'ad a' tionndadh a-null gu bhiodh e—[?] chuir air dòigh eile 's cha robh faclan idir air ach a' falbh leis a' cheòl. 'S bha 'ad a' sguir dhe na faclan aige sin. Sin an rud a chuir a chuid mhór a dhìth.