Tàirneanach: Fearg Mhic Dhé
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF147i02 TÀIRNEANACH: FEARG MHIC DHÉ
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Ri bruidhinn air a—air tàirneanaich 's a' dealanaich, chanadh cuid de dh'fheadhainn gu robh an tàirneanach coltach ri fearg Mhic Dé, gu robh e—gu—fearg Mhic Dé a cheart cho uabhasach ris an tàirneanach. Sin na chuala mise de sheanchas. Ach gun cuala mi té a bha, bean Iùdhach; bha 'ad a' creidsinn an Iùdhach 's bha mi—bha mi 'sa bhùth aca agus dealanaich is tàirneanaich ann 's thuirt i gum biodh 'adsan a' dèanamh ùrnaigh 'san àm a bhiodh 'ad a' cluinntinn an tàirneanach agus cha do chuir mise ceasnachadh oirre no sian agus dh'fhàg mi 'n gnothach mar sin fhéin. Sin na chuala mise riamh mu thimchioll tàirneanaich is dealanaich ach gum bi mór eagal [aig gnothach?] co-dhiù.
[John Shaw:] Seadh.