Ìosa, Gléidh Mi Dlùth don Chrann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF341i03 ÌOSA, GLÉIDH MI DLÙTH DON CHRANN
Beulaiche: Iain Choinnich Dhòmhnuill Aonghais | John Angus MacAskill
Ìosa, gléidh mi dlùth don chrann;
'S ann tha 'n tobar phrìseil,
Dh'fhosgail Dia airson nan sluagh
An sruth 's a bheil an iocshlaint.
[Séist:] Anns a' chrann, anns a' chrann,
Bidh mo ghlòir an còmhnaidh,
Gus an ruig mi an taobh thall
An fhois a gheallaidh dhomhsa.
Dlùth do'n chrann, is ormsa sgàth,
Thàinig gràdh is tròcair;
Dhealaich Reult na Madainn moch,
Is doille m' inntinn dh'fhògair.
Dlùth do'n chrann, O Uan mo Dhè,
Nochd dhomh sealladh àillidh;
Ceum air cheum, o latha gu latha,
Gléidh mi fo na sgàile.
Dlùth do'n chrann, bithidh mo thàmh,
M' iarrtas, m' earbsa, 's m' aoibhneas,
Gus an ruig mi tràigh an òir,
Air taobh thall na h-aibhne.
Notes (fieldnotes):
"HYMN"
Reference sources:
Gaelic hymns and psalms from the Balemartine Baptist Church in 1988, 2013.122.1, An Iodhlann, Tiree's Historical Centre, https://web.archive.org/web/20250122034415/https://www.aniodhlann.org.uk/wp-content/uploads/2013.122.1.pdf