A' fiath Faoillich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF146i07 A’ FIATH FAOILLICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha mi ag obair air a' feur còmhla ri fear Mìcheall Mac'IlleEathain, Mìcheal Chaluim Òig 'ic Iain 'ic Lachlainn Ghobha. Agus bha e uabhasach gu seann-seanchasan a bhith aige, rudan—seann-ghnàth-fhacail is seanfhacal dhe gach gnè, agus thuirt e là sin ag obair air spealadh feòir, is cha robh i glé mhath a' là sin, agus thuirt e rium gu robh trì là Faoillich anns an Iuchair, is trì là Iuchair anns an Fhaoillich. Agus thuirt e a' sin, gu robh seanfhacal ag ràdh dà rud nach bu chòir móran earbsa a chur ann, gura h-e fiath Faoillich agus gaol strìopaich, gun atharraicheadh iad cho luatha. Agus bha dùil, ma dh'fhaoidte na làithichean a bhiodh dhan Fhaoilleach anns a' Iuchair, ged a bhiodh fiath ann, gu robh i buailteach air tighinn a-staigh glé ealamh. Agus sin mar a bha seanchas aig Mac'IlleEathain.
Notes (fieldnotes):
Source: Mìcheal Mac'Illeain.