Imrich DiSathurna
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF146i06 IMRICH DISATHURNA
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha rann bha seo air a sheinn le caoin air mar gum—ceòl mar gum biodh air òran cumanta sam bith. Agus bha e uabhasach laghach. Tha mi cinnteach gu robh e car leth-choltach ri seòrsa do phort-á-beul. Agus sin agaibh mar tha cuimhn' agams' air a chluinntinn. 'S dòcha gu bheil e glé gann an-diugh air an t-saoghal, feadhainn a tha 'ga sheinn. Fhuair mi rann beag goirid bho Bhean 'Illeasbuig 'ac Ualraig. Agus 's ann mar seo a bha e 'falbh airson a thaobh imrich:
Imrich DiSathairne mu thuath,
Is imrich DiLuain mu dheas,
'S ged nach biodh agam ach an t-uan,
'S ann DiLuain a dh'fhalbhainn leis.
Tha e coltach gu robh 'ad a' creidsinn gu mór ann an imrich DiLuain.
Notes (fieldnotes):
Source: Bean Ghilleasbuig MhicUaraig.