GF146i06 IMRICH DISATHURNA Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha rann bha seo air a sheinn le caoin air mar gum—ceòl mar gum biodh air òran cumanta sam bith. Agus bha e uabhasach laghach. Tha mi cinnteach gu robh e car leth-choltach ri seòrsa do phort-á-beul. Agus sin agaibh mar tha cuimhn' agams' air a chluinntinn. 'S dòcha gu bheil e glé gann an-diugh air an t-saoghal, feadhainn a tha 'ga sheinn. Fhuair mi rann beag goirid bho Bhean 'Illeasbuig 'ac Ualraig. Agus 's ann mar seo a bha e 'falbh airson a thaobh imrich: Imrich DiSathairne mu thuath, Is imrich DiLuain mu dheas, 'S ged nach biodh agam ach an t-uan, 'S ann DiLuain a dh'fhalbhainn leis. Tha e coltach gu robh 'ad a' creidsinn gu mór ann an imrich DiLuain.