Back to recordings

An Cù Bàn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF146i05 AN CÙ BÀN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Chunna mi rann ann an leabhar agus bhithinn 'ga chluinntinn aig seann-bhoireannach nuair nach robh mi ach 'nam bhalachan beag agus 's e:


"Dì dà,"
Ars' an cù bàn.
"Tha mi gun bhrògan,"
Ars' an cù bàn.
"Dì dà,"
Ars' an cù bràth—ars' an cù bàn.
"Ri siubhal na mòinich,"
Ars' an cù bàn.
"Dì dà,"
Ars' an cù bàn.
"Falbh air na lòintean,"
Ars' an cù bàn.
"Dì dà,"
Ars' an cù bàn.
"A' dol tro na lochan,"
Ars' an cù bàn.


Ach bha an deireadh air an uair sin:


"Dì dà,"
Ars' an cù bàn.
"'S minich a bhà,"
Ars' an cù bàn.
"Bho oidhche gu latha,"
Ars' an cù bàn.
"Dì dà,"
Ars' an cù bàn.
"Sinn air ar dòigh,"
Ars' an cù bàn.


Bha rann bha seo air a sheinn le caoin air mar gum—ceòl mar gum biodh air òran cumail airson bìdh agus bha e uamhasach laghach. Tha mi cinnteach gu robh e car leth-choltach ri seòrsa do phort-á-beul. Agus sin agaibh mar a tha cuimhn' agams' air a chluinntinn. 'S dòcha gu bheil e glé ghann an-diugh air an t-saoghal, feadhainn a tha 'ga sheinn.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile