Smàladh na Coinnle
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF091B2 SMÀLADH NA COINNLE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Seadh. Bha—a' bruidhinn air smàladh nan coinnlean, thuirt—bha fear seo 'g innse naidheachd mu dheidhinn dannsair sònraichte a bh' ann, agus smàladh e coinneal ás gach ceann dhe 'n t-seòmbar. Smàladh e choinneal aig gach cheann 's a bhiodh dha 'n t-seòmbar—agus smàladh e dheth aig a' cheann eile. Co-dhiù bha e fìor neo nach robh, rachadh—bha e cantail gun cuireadh e glainne bheag de dh'uisg' ann a' ghrunn na h-aide—an ad ma cheann. Agus gu rachadh aige air dannsa cho aotrom sìos is suas bho cheann gu ceann an t-seòmbair, is gu smàladh e na coinnlean le shàiltean agus a' ghlainn' uiste [uisge] ann am mull—a's an t-sloc a bha 'm mullach na h-ad, fhios agad. Agus fhad 's a bhiodh i 'sa, 'sa shloc a bha 'san ada, cha leumadh i, cha dòrt—chan fhalbhadh i ás.
[John Shaw:] Chan fhalbh.
[JNMN:] Dh'fheumadh e a bhith gu math aotrom, 's gu math cuimseach.
[John Shaw:] Dh'fheumadh.
[JNMN:] Cha dèanadh math dha a bhith, a bhith dèanamh tuairms' air a' ghnothach. 'S e bhith 'tighinn ionnsaigh nan coinnlean 's am bualadh, le shàiltean, 's gun a dhol fairis oirre no gun a' choinneal a bhristeadh no leigeadh, ach a bualadh. Dh'fheumadh e a bhith cleachdte ris. Ach bha a leithid air a sheanachas co-dhiù, gu smàladh e na coinnlean.