Back to recordings

Òran air Iagan Nìll (MacÌosaig)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF109i03 ÒRAN AIR IAGAN NÌLL (MACÌOSAIG)


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin


Seo agad facal no dhà eile de sheann òran mu dhéidhinn Iagan Nìll an Cùl na Beinneadh shuas aig àit' Beinn Alasdair Bhàin.


[Séist:] 'S tha mi 'n-diugh gu tinn,
'S bha mi a-raoir ag òl,
Le goirteas mo chinn,
Chan eil mi air dòigh,
Tha mi 'n-diugh gu tinn,
'S bha mi a-raoir ag òl.


'S o, Iain Mór na feusaig'
Nach robh riamh 'na éiginn
Lìon dhomh fhìn is dhut fhéin i
'S o, gun gabh sinn dram.


Bha faclan eile mu dhéidhinn:


'S bha sinn uile gu léir ann,
'S o, taidhm mhath againn du dearbh,
Peigi dèanamh tì dhomh,
'S bha mi 'n dùil a dìobhairt ged bha mi 'ga òl.


Tha mi 'creidsinn gun dèan sibh a-mach an aon chuid a rinn esan dhe siud, 's ann mu dhéidhinn Peigi a' dèanamh an tì. Tha an còrr dheth car gròigeach.


Notes (fieldnotes):
Fragment.

Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile